Badan de ni ’chaorruinn Thig o aodunn Ealasaid, Cuir snaithn’ dearg ’us sreang as Cuir sid an ceann a chrathadair; ’S ged thigeadh buidseach Endor Gun ceannsaicheadh Ailein i. The rhyme was composed by the bard Ailein Dall. Di-luain a dh’Éirich a ghaoth, ’S thog i orra fraoch us fearg, Us innis do mhathair mo chuirp, Gur h-e na h-uilc a rinn an t-sealg. “’Sann a nochd a thorchanaich leinn Mharbhadh an urchuill earchaill mhÒr.” “An do mharbhadh Maol Meanachan nan cat? Mar bhi na h-uile oidhche fhuair mi biadh ’us bainne na d’theaglach, bhiodh do sgÒrnan fada riabhach ann am Ìnein. Innis do Bhruc Riabhach gun d’eug Bladrum.” Dia bheannachadh do shuil Deur muin mu d’ chridhe, An luchaidh san tom ’S an otm ri theine. Teine dÉ air do bhus, Rug do mhÀthair chÉil ubh, ’S thug thu fhÉin mach an gur. Beairt ribeach Dubhan bradach Slat cham chaoruinn. Buainidh mise a mÒthan An luibh a dh’Òrduich Criosd Chaneil eagal losga—teine dhuit No cogadh nam ban shÌth. Achlusan Challum Chille, Gun sireadh gun iarraidh, Cha d’thoir iad as do chadal thu, Is cha ghabh thu fiabhrus. Buainidh mis’ an donn duilleach, Luibh a fhuaradh an taobh bearraidh, Cha tugainn e do dhuine Gun tuilleadh air mo bheannachd. Buainidh mis’ an t-achlasan, ’S e luibh nam ban fionn e, ’S e chuirm eireachdail e ’S a chuirt shÒghail. Luibh fhirionn e, luibh bhoirionn e, Luibh bh’aig eÒin an allt e, Luibh bh’aig Ni Math na eiginn ’S aig Chrisd air aineol, ’S b’fhearr a dhuais do’n laimh dheas, Am bitheadh e. Buainidh mis’ an t-iubhar Àigh Roimh chÒig aisneam croma Chriosd An ainm an athar, a Mhic, ’s an Spioraid Naoimh Air bhÀthadh, air ghÀbhadh, ’s air ghriobhadh. Buainidh mis’ a chathair lÀir Mar bhuain Moire le da lÀimh, Buainidh mi le m’ neart i, ’S buainidh mi le m’ ghlaic i, etc. “A’v a chuis a choinneal Thuair mi an’am laimh ga cumail Um sheasamh a’ s an deathaich ’S cha be sin m’ abhaist Un tigh mo mhathar ’s m’ athar.” “A’r a shocair a bhuinneag ’S math a b’aithne dhomhsa chuideachd Aona mhart air thri sinnean ’S naoinear do mhuinntir.” “Cha be sin an gnathas Bha ’n tigh m’ athur no momhathar Cha robh aona mhart air thrÉ sinnean Na naoinear ’a mhuinntir Ach naoi slabhrinnean Òir An crocha ’n tigh Righ Sionnach.” ’S gum b’ainm do’n fhuath nach robh tiÒm A mhuireartach maol, ruadh, muing-fhionn; Bha-aodunn du-ghlas, air dhreach guail; Bha-deud a carbaid claon-ruadh; Bha aon sÙil ghlogach na ceann, ’S gum bu luaith i na rionnach maghair; Bha greann glas-dhu air a ceann Mar choille chrionaich roi chrith-reothadh. M. S. Dar chaidh Fionn don Bheinn Thachair ris Colann gun cheann. Colann gun cheann, Thig a nall ’s thoir leat mi. “Neil, son of Rory, fast travelling, Who gave wine to his horses, That they might avoid the meadow waters.” [Nial Mac Ruaraidh ’n astair Bheireadh fiÒn da chuid eachaibh Air son bÙrn an lÒn a sheachnadh.] Bha mi’n Dun-Eideann an raoir, Tha mi’m thalla fÉin a nochd; ’S fiach an, dadum ud ’sa ghrÉin Chaneil annam fÉin do neart. Mar bhi na gathannan caol giuthais Bhiodh so gu d’phuthar-sa, DhÒ’uill Ghuirm Oig. Bhean, thug mo thriubhas dhiom ’S mo bhrÒgan grinne dubha bhuam, ’S an lÉine thug mo phiuthar dhomh,— Thuige, thuige, chasan fuara, ’S ioma cuan a shiubhail sibh. ThÀinig ceathrar a nall, Gun bhÀta, gun long, Fear buidhe, fionn, Fear slatagach, donn, Fear a bhualadh na sÙisde, ’S fear a rÙsgadh nan crann. Toimhseagan. A challuinn a bhuilg bhuidhe bhoicinn Buail an craicionn (air an tota) Cailleach sa chill, Cailleach sa chÙil, Cailleach eile ’n cÙl an teine Bior na da shÙil Bior na goile A challuinn so, Leig astigh mi. Gaoth deas, teas is toradh Gaoth tuath, fuachd is gaillionn, Gaoth ’n iar, iasg is bainne, Gaoth ’n ear, meas air chrannaibh. B’ fhearr leam a chreach thigh’nn do’n tÌr Na mhaduinn chiÙin ’san Fhaoilleach fhuar. Faoilleach Faoilleach, cruth an crios Faoilte mhÒr bu chÒir bhi ris; Crodh us caoraich ruith air theas, Gul us caoidh bu chÒir bhi ris. “Nead air Brithid, ubh air Inid, ’S eun air CÀisg, ’S mar bi sin aig an fhitheach Bithidh am bÀs.” “Feadag, Feadag, mÀthair Faoilleach fuar, Marbhaidh i caoraich us uain, Marbhaidh i ’n cro mÒr mu seach, ’S an t-each ris an aon uair.” “Thuirt an Gearran ris an Fhaoilleach, C’Àit an d’ fhÀg thu ’n gamhuinn bochd! Dh’ fhÀg mi e aig an Fhear rinn na dÙilean, ’S dhÀ shÙil air an t-sop. Ma bheireas mis’, thuirt a mios MÀigh, Air an anail am barraibh a chluas, Cuiridh mi ruideis air an trÀigh e, ’S fheaman air a ghualainn.” “Sin thuirt an Gearran gearr, Ni mi farran ort nach fhearr, Cuiridh mi bhÒ mhÒr sa pholl, Gus an d’ thig an tonn far a ceann.” “Buailidh i thall, buailidh i bhos, Buailidh i eadar a da chois; ... Thilg i e fo ’n chraoibh chruaidh chuilinn, Air nach do chinn gas feur no fionnadh riamh.” An linge lÀn air chionn a MhÀrt, ’S tugha nan tighean an claisean nan iomairean. Leig seachad a chiad MhÀrt S an dÀrna MhÀrt mÀs fheudar e, Ach olc air mhath gan d’thig an t-sÌd, Cuir do shÌol san fhior MhÀrt. Thuirt an Inid ris a ChÀisg, C’Àit am faigh mi Àite cluich? Thoir thusa dhomhsa pÀilliun geamhraidh ’S togaidh mi tigh samhraidh dhuit. Reothairt na Feill Moire ’S boilich na Feill PÀruig. Mas a bailc Bhealltainn bhlÀth, Mas a turadh an treas lÀ, ’S mas a gaoth an ear a rithis, ’S cinnteach gum bi meas air chrannaibh. BrÒg thana, ’s i gun mheas, Gun fhios co chaitheas i. Togaidh mise chlach, Mar a thog Moire da Mac, Air bhrÌgh, air bhuaidh, ’s air neart; Gun robh a chlachsa am dhÒrn, Gus an ruig mi mo cheann uidhe. Feill Fionnain nam fleadh S’ oidhche Nollaig na mÒr bhladh. Tinnste (tionnsgnadh?) nitear Di-luain, Bithidh e luath no bi e mall. Imrich an t-sathurna mu thuath, Imrich an Luain mu dheas, Ged nach biodh agam ach an t-uan ’S ann Di-luain a dh ’fhalbhainn leis. (1) Di’rdaoin, latha Challum-chille chaoin Latha chuir chaorach air seilbh, A dheilbh, ’s a chuir bo air laogh. (2) T’ fhalt ’s t’ fhionna Di’rdaoin, ’S t’ ionga mhaol Di-sathuirne. |